Ar Seirbheis-ne - Ur Rathad-se a dh'Eadar-Theangachadh Buadhach

 

Seo na dh'fheumas sinne bhuaibh:

  • An stuth a tha ri eadar-theangachadh agus is fheàrr leinn e ann an cruth leactronach (faidhle sam bith a ghabhas MS Office rithe no Acrobat PDF).  Gabhaidh sinn ri stuth air a chlò-bhualadh ri eadar-theangachadh cuideachd (tron phost no tro fhacs)

  • Fios bhuaibh cuine a dh'fheumas sibh an t-eadar-theangachadh (is fheàrr leinn rabhadh 3 làithean)

  • Cead a-steach dhan stòrdata ma tha sibh ag iarraidh gun cleachdar stòrdata briathrachais Trados sònraichte

Seo na gheibh sibhse bhuainne:

  • Lìbhrigeadh luath eadar-theangachaidhean de dh'àrd chàileachd, ann an rèim a tha freagarrach dhan luchd-èisteachd agaibh

  • Eadar-theangachaidhean seasmhach gun bhrochan briathrachais no cainnt neo-dheimhinn nuair a nochdas cainnt theicniceach

  • Cuideachadh ma bhios ceistean agaibh

  • Prìsean farpaiseach